Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis?
Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud.
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.