Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an ceann bhliadhnachan àraidh chaidh e sìos a dh’ionnsaigh Ahaib do Shamaria: agus mharbh Ahab caoraich agus crodh ann am pailteas air a shon, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, agus chuir e impidh air dol suas gu Ramot-gilead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus mharbh Adoniah caoraich agus buar, agus sprèidh reamhar làimh ri cloich Shohelet, a tha làimh ri Enrogel; agus thug e cuireadh da bhràithrean uile, mic an rìgh, agus do fhir Iùdah uile, seirbhisich an rìgh.

Ach an ceann tamaill thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr.

Mac Ghebeir ann an Ramot-gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha:

Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot-gilead.

Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot-gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Ach nuair a thachair seo uile cha robh mise ann an Ierusalem; oir ann an dara-bliadhna-deug ar fhichead Artacsercseis rìgh Bhàbiloin, thàinig mi a dh’ionnsaigh an rìgh, agus an dèidh làithean àraidh fhuair mi cead on rìgh:

Eadhon Beser anns an fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird, de na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, de na Gadaich; agus Golan ann am Basan, de na Manasaich.

Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan