Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus thubhairt aon mar seo, agus aon eile mar siud.

Mac Ghebeir ann an Ramot-gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha:

A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis?

Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin.

Thubhairt thu, Feuch, bhuail mi Edom, agus thog do chridhe suas thu a‑chum uaill a dhèanamh; fan a‑nis aig do thaigh: carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?

Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos.

Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.

Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs.

Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan