Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

(Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut, nach dèanadh e fàistneachd mum thimcheall-sa air math, ach air olc?)

Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud.

Cluinnibh facal an Tighearna, O uachdarana Shòdoim; èisdibh ri lagh ar Dè‑ne, a mhuinntir Ghomorrah:

Uime sin cluinnibh facal an Tighearna, a luchd-fanaid, a luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh seo a tha ann an Ierusalem.

An sin thubhairt Isaiah ri Heseciah, Cluinn facal Tighearna nan sluagh;

Agus their thu, Eisdibh-se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan.

Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil:

Gidheadh cluinn facal an Tighearna, O Shedeciah, a rìgh Iùdah: Mar seo deir an Tighearna dod thaobh-sa, Chan fhaigh thu bàs leis a’ chlaidheamh;

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.

A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic.

Agus fhreagair am fear a bha na sheasamh am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt e, Seo iadsan a chuir an Tighearna gu siubhal sìos agus suas air feadh na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan