2 Eachdraidh 18:17Am Bìoball Gàidhlig 1992(Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut, nach dèanadh e fàistneachd mum thimcheall-sa air math, ach air olc?) Faic an caibideil |
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.