Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.

Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth.

Amhaircibh a‑mach eadhon air a shon-san as fheàrr agus as iomchaidh de mhic ur tighearna, agus cuiribh e air rìgh-chathair a athar, agus cogaibh airson taigh ur tighearna.

Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?

(Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut, nach dèanadh e fàistneachd mum thimcheall-sa air math, ach air olc?)

Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa;

Nì mi do bhailtean nam fàsach, agus bidh tu ad nochd-làraich, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.

Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.

Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan