Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot-gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt esan, Rachaibh suas, agus soirbhichibh, oir bheirear nur làimh iad.
Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth.
Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.
Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.
Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.
Agus thàinig fir Israeil am fagas air an là sin, agus chuir Saul an sluagh fo mhionnan, ag ràdh, Mallaichte gu robh am fear a dh’itheas biadh gu feasgar, a‑chum gun dìolar mi air mo naimhdean: agus cha do bhlais neach air bith den t‑sluagh biadh.