Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, eadhon an nì a their mo Dhia, sin labhraidh mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, an nì a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise.

Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal-sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiubhsan, agus labhair math.

Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot-gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt esan, Rachaibh suas, agus soirbhichibh, oir bheirear nur làimh iad.

Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal-sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna.

Agus thubhairt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, nì mise ùrnaigh ris an Tighearna ur Dia a rèir ur briathran; agus tàrlaidh, ge bè freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gun innis mise dhuibh e: cha chùm mi nì sam bith air ais uaibh.

Agus labhraidh tu mo bhriathran-sa riu, co aca a dh’èisdeas iad, no a dhearmadas iad; oir tha iad ro‑cheannairceach.

Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Balàam, Imich leis na daoine: ach a‑mhàin am facal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa. Mar sin chaidh Balàam le ceannardan Bhalaic.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An nì sin a chuir an Tighearna am bheul, nach feum mise an aire a thoirt a labhairt?

Ach fhreagair Balàam agus thubhairt e ri Balac, Nach d’innis mi dhut, ag ràdh, Gach nì a labhras an Tighearna, sin as èiginn dhòmhsa a dhèanamh?

Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dhèanamh maith no uilc om inntinn fhèin; ach ge bè a their an Tighearna, sin labhraidh mise?

Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.

Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:

Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd.

Ach mar a mheasadh sinn le Dia iomchaidh gum biodh an soisgeul air earbsa rinn, is amhail sin a labhramaid, chan ann mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach Dhè, a tha a’ dearbhadh ar cridheachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan