Agus rinn Sedeciah, mac Chenannah, adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuirear as dhaibh.
Agus rinn Sedeciah mac Chenaanah adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuir thu as dhaibh.
Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar sin, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot-gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna ann an làimh an rìgh iad.
Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh-chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite rèidh, aig dol a‑steach geata Shamaria; agus bha na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nan làthair.
Ag ràdh an còmhnaidh ris a’ mhuinntir a tha a’ dèanamh dìmeas air facal an Tighearna, Bidh sìth agaibh; agus am feadh a tha gach aon ag imeachd a rèir ana-miann a chridhe fhèin, tha iad ag ràdh, Cha tig olc air bith oirbh.
Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, a‑thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a tha a’ fàistneachd brèige dhuibh ann am ainm-sa, Feuch, bheir mise thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ur sùl;
Agus chòmhdaich a fhàidhean iad le criadh gun obrachadh, a’ faicinn dìomhanais, agus a’ fàistneachd bhreug dhaibh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair nach do labhair an Tighearna.
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.