Agus theagaisg iad ann an Iùdah, agus leabhar lagh an Tighearna aca, agus chaidh iad mun cuairt air feadh uile bhailtean Iùdah, agus theagaisg iad an sluagh.
Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn-theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem.
Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel:
Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lèbhithich air an t‑sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh nan àite.
Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà-dheisciobal-dheug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.
Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.
Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.