Agus anns an treas bliadhna de a rìoghachadh chuir e cuid de a uachdarain, Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, agus Netaneel, agus Micaiah, a theagasg ann am bailtean Iùdah.
Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.
Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel:
Agus suidhich thusa, Esra, a rèir gliocas do Dhè, a tha ann ad làimh, uachdarain agus britheamhan, a bheir breith air an t‑sluagh uile a tha air an taobh thall den abhainn, orrasan uile don aithne laghan do Dhè; agus teagaisgibh iadsan do nach aithne iad.
Agus dh’èirich iad nan àite, agus leugh iad ann an leabhar lagh an Tighearna an Dia, an ceathramh cuid den là; agus rè ceathramh eile dh’aidich iad, agus rinn iad adhradh don Tighearna an Dia.
Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.
Agus gabhaidh iad clachan eile, agus cuiridh iad ann an àite nan clach ud iad; agus gabhaidh e criadh eile, agus còmhdaichidh e thairis an taigh leatha.
Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.
Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh.