Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 17:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr.

Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac; soithichean airgid agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.

Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na craobhan seudair thug e a bhith mar na craobhan sicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.

Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Agus bha aig Iehosaphat beartas agus cliù ann am pailteas: agus rinn e cleamhnas ri Ahab.

Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin.

Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na croinn sheudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir, a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir-mìle-deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do rìgh-chathair gu bràth.

Airson do theampaill ann an Ierusalem, bheir rìghrean tìodhlac dhut.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Bòidichibh, agus ìocaibh don Tighearna ur Dia: thugadh iadsan uile a tha ma thimcheall tìodhlacan dhàsan as adhbhar eagail ann.

Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh-chathair.

Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan