Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 17:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an Tighearna maille ri Iehosaphat, a chionn gun do ghluais e ann an ciad shlighean Dhaibhidh a athair, agus nach d’iarr e a dh’ionnsaigh Bhàalim;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris.

Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile.

Agus rinn Solamh olc ann an sùilean an Tighearna; agus cha do lean e gu coileanta an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.

Agus ghluais e ann an uile shlighean Asa a athair; cha do chlaon e uapa, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: gidheadh, cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda, oir fhathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda.

Agus ghràdhaich Solamh an Tighearna, ag imeachd ann an òrdaighean Dhaibhidh a athair: ach ann an àitean àrda dh’ìobair e agus loisg e tùis.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna; ach cha b’ann cosmhail ri Daibhidh a athair: a rèir gach nì a rinn Iòas a athair, rinn esan.

Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem; agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia, mar a rinn Daibhidh a athair.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.

Nach eil an Tighearna ur Dia maille ribh? Agus nach tug e dhuibh suaimhneas air gach taobh? Oir thug e luchd-àiteachaidh na tìre am làimh-sa; agus tha an tìr air a cìosnachadh ron Tighearna, agus ro a shluagh.

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair.

Ach gun d’iarr e a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia a athar, agus gun do ghluais e na àitheantan, agus cha b’ann a rèir dèanadas Israeil:

Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna.

Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah,

Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide.

Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gun do dheasaich e a shlighean am fianais an Tighearna a Dhia.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an slighean Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.

Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe;

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.

Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen.

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.

Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.

Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.

Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.

Agus bha eagal air Saul ro Dhaibhidh, do bhrìgh gu robh an Tighearna maille ris, agus gun d’imich e o Shaul.

Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear-cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan