2 Eachdraidh 17:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair. Faic an caibideil |
Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.