Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.
Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair.
Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan-cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah.