Agus na dhèidh-san Iehosabad, agus maille ris ceud agus ceithir-fichead mìle, deas gu cogadh.
Bha iad sin uile mic Iediaeil, a rèir cinn an athraichean, daoine treuna, nan seachd-mìle-deug agus dà cheud fear, iomchaidh gu dol a‑mach a‑chum cogaidh agus catha.
Agus de Bheniàmin: Eliada fear comasach gaisgeil, agus maille ris daoine armaichte le bogha agus le targaid, dà cheud mìle.
Bha iad sin a’ feitheamh air an rìgh, a bhàrr orrasan a chuir an rìgh anns na bailtean daingnichte air feadh Iùdah uile.