Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dhèidh-san Amasiah mac Shichri, a thug e fhèin suas don Tighearna, agus maille ris dà cheud mìle fear comasach gaisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.

Agus na dhèidh-san Iehohanan an ceannard, agus maille ris dà cheud agus ceithir-fichead mìle.

Agus de Bheniàmin: Eliada fear comasach gaisgeil, agus maille ris daoine armaichte le bogha agus le targaid, dà cheud mìle.

Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

A chionn gun do ghabh Israel dìoghaltas, a chionn gun do thairg an sluagh iad fhèin gu toileach, molaibh-se an Tighearna.

Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan