Agus seo an àireamh, a rèir taigh an athraichean: de Iùdah, ceannardan mhìltean: Adnah an ceannard, agus maille ris daoine comasach gaisgeil, trì cheud mìle.
Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e de thaigh Iùdah agus Bheniàmin ceud agus ceithir-fichead mìle fear taghte, dèante ri cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a‑chum an rìoghachd a thoirt a‑rìs gu Rehobòam.
Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil.
Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.
Agus fon làimh-san bha armailt, trì cheud mìle agus seachd mìle agus còig ceud, a dhèanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an rìgh an aghaidh an nàmhaid.
Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann.
Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann: