Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 17:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-goibhre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean.

Agus bha Mesa rìgh Mhòaib na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do rìgh Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe len olainn.

Agus dh’fhàs Iehosaphat gu h‑anabarrach mòr: agus thog e ann an Iùdah caistealan agus bailtean-ionmhais.

Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas.

Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich:

Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach.

A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd-malairt, agus uile rìghrean Aràbia, agus uachdarain na tìre, a thug òr agus airgead a dh’ionnsaigh Sholaimh.

Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.

Chan àitichear gu bràth i, cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin.

Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd-malairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan