Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear-seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Tha coicheangal eadar mise agus thusa, agus eadar m’athair-sa agus d’athair-sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh tìodhlac airgid agus òir; thig agus bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gum falbh e uam.

Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Iehu mac Hanani an aghaidh Bhaasa, ag ràdh,

Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig facal an Tighearna an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thaighe, airson an uilc uile a rinn e ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhith mar thaigh Ierobòaim, agus a chionn gun do mharbh e e.

As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.

Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

An sin thug Asa an rìgh leis Iùdah uile; agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an robh Baasa a’ togail; agus thog e leo Geba, agus Mispah.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna.

A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil.

Oir le beagan dhaoine thàinig armailt Shiria, agus thug an Tighearna thairis nan làimh sluagh ro‑mhòr, a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean: uime sin rinn iad breitheanas an aghaidh Iòais.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna.

Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.

Agus thàinig am fàidh Isaiah gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad am ionnsaigh o thìr chèin, o Bhàbilon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan