A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.
An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an taigh-prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.
A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus a chogaidhean uile, agus a shlighean, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?