2 Eachdraidh 15:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chruinnich e Iùdah uile agus Beniàmin, agus na coigrich maille riu à Ephraim, agus à Manaseh, agus à Simeon: oir thàinig iad thairis da ionnsaigh à Israel ann am pailteas, nuair a chunnaic iad gu robh an Tighearna a Dhia maille ris. Faic an caibideil |
Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann-ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna.