A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.
Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.
Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh.
An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh ris a bheil mo chorraich bheir mi dha àithne a thogail creiche, agus a thoirt leo cobhartaich; agus gan saltairt sìos mar chlàbar nan sràidean.
Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, thèid olc a‑mach o chinneach gu cinneach, agus dùisgear suas iomaghaoth mhòr o chrìochan na talmhainn.
Agus tilgidh mi rìgh-chathair rìoghachdan bun-os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun-os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar.
Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean-talmhainn ann am mòran àitean.
Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.