Agus anns na h‑àmannan sin, cha bhi sìth ann dhàsan a thèid a‑mach, no dhàsan a thig a‑steach, ach buaireas mòr air uile luchd-àiteachaidh nan dùthchannan.
Oir ro na làithean seo, cha robh luach-saothrach air bith aig duine, no luach-saothrach air bith aig ainmhidh; cha mhò a bha sìth aig an tì a rachadh a‑mach, no a thigeadh a‑steach, leis an teinn; oir chuir mise na h‑uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich.
Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;
Ann an làithean Shamgair mhic Anait, ann an làithean Iaeil, bha na rathaidean mòra gun tathaich, agus dh’imich an luchd-turais air rathaidean seachranach.
Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.