Agus anns an treas bliadhna de a rìoghachadh chuir e cuid de a uachdarain, Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, agus Netaneel, agus Micaiah, a theagasg ann am bailtean Iùdah.
Agus thubhairt Nehemiah, neach as e an Tirsata, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche, agus na Lèbhithich a theagaisg an sluagh, ris an t‑sluagh uile, Tha an là seo naomh don Tighearna ur Dia; na dèanaibh caoidh no gul: oir ghuil an sluagh uile, nuair a chuala iad briathran an lagha.
Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.
Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn-dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna.
Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, anns an cuir mise gort anns an fhearann; chan i gort dìth arain, no tart dìth uisge, ach de dhìth èisdeachd facail an Tighearna.
Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.
Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall-ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh-se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.