Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

56 Iomraidhean Croise  

Agus bha e na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad: agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìghich e os cionn Edoim.

Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus taigh d’athar, a‑thaobh gun do thrèig sibh àitheantan an Tighearna, agus gun do lean sibh Bàalim.

Agus trèigidh mi fuidheall m’oighreachd, agus bheir mi iad do làimh an naimhdean; agus bidh iad nan creich agus nan cobhartach dan naimhdean uile:

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Agus anns gach baile fa leth chuir e sgiathan agus sleaghan, agus rinn e ro‑làidir iad; oir bha Iùdah agus Beniàmin aige air a thaobh.

An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic.

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ierobòaim, agus Israeil uile.

Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.

Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e.

Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.

Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.

Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.

Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.

Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte.

Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e.

Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.

Dh’amhairc Dia a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè.

Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.

Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh.

Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia?

Nach do choisinn thu seo dhut fhèin, a chionn gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, nuair a bha e gad stiùradh anns an t‑slighe?

Iarraibh-se math, agus chan e olc, a‑chum gum mair sibh beò: agus mar sin bidh an Tighearna, Dia nan sluagh, leibh mar a labhair sibh fhèin.

Agus abair thusa riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se riumsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus tillidh mise ribhse, deir Tighearna nan sluagh.

Na rachaibh suas, oir chan eil an Tighearna nur measg; a‑chum is nach buailear sibh an làthair ur naimhdean.

Oir tha na h‑Amalecich agus na Canàanaich an sin romhaibh, agus tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: a chionn gun do chlaon sibh on Tighearna, uime sin cha bhi an Tighearna maille ribh.

Ge bè neach aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?

Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.

A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.

Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.

Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

Gidheadh thrèig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhiathan eile: uime sin cha saor mi sibh nas mò.

Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.

Ma bhios eagal an Tighearna oirbh, agus ma nì sibh seirbhis dha, agus ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, agus nach dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh sibh fhèin tèarainte, agus mar an ceudna an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn an dèidh an Tighearna ur Dia.

Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan