Anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, thòisich Baasa mac Ahiah air rìoghachadh os cionn Israeil uile ann an Tirsah; agus rìghich e ceithir-bliadhna-fichead.
Anns an t‑siathamh-bliadhna-deug ar fhichead de rìoghachadh Asa, thàinig Baasa rìgh Israeil a‑nìos an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.
Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth-san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh.