2 Eachdraidh 15:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin. Faic an caibideil |
Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd-shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd-gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel.