Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 15:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal.

Dèanaibh-se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas.

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.

Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.

Agus rinn iad coicheangal gun iarradh iad an Tighearna, Dia an athraichean, len uile chridhe, agus len uile anam:

Agus mhionnaich iad don Tighearna le guth àrd, agus le gàir, agus le trompaidean, agus le buabhallan.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e.

Agus sgriosar cinneach le cinneach, agus baile le baile; oir claoidhidh Dia iad leis gach airc.

Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.

Agus bha rìoghachd Iehosaphait sàmhach; oir thug a Dhia fois dha air gach taobh.

A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad.

Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Agus thubhairt Nehemiah, neach as e an Tirsata, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche, agus na Lèbhithich a theagaisg an sluagh, ris an t‑sluagh uile, Tha an là seo naomh don Tighearna ur Dia; na dèanaibh caoidh no gul: oir ghuil an sluagh uile, nuair a chuala iad briathran an lagha.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan.

Mhionnaich mi, agus coileanaidh mi e, gun coimhead mi breitheanais do cheartais.

Ghabh mi do theisteis mar oighreachd gu bràth, oir is iad aoibhneas mo chridhe.

Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe.

Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.

Is slighean subhachais a slighean, agus is sìth a ceuman uile.

Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.

Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Agus nì thu gàirdeachas anns gach nì math a thug an Tighearna do Dhia dhut, agus dod thaigh, thu fhèin, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach a bhios nur measg.

Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr:

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.

Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan