Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.
Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.
Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;
Air eagal gum biodh nur measg fear, no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaonas a chridhe air falbh an‑diugh on Tighearna ar Dia, a dhol a dhèanamh seirbhis do dhiathan nan cinneach sin; air eagal gum biodh nur measg freumh a bheir uaithe mar thoradh nimh agus searbhas;
Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.
Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;