Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 15:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad coicheangal gun iarradh iad an Tighearna, Dia an athraichean, len uile chridhe, agus len uile anam:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm;

Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar an Tighearna agus an rìgh agus an sluagh gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an rìgh agus an sluagh.

Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal.

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e.

Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.

Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar e fhèin agus an sluagh gu lèir, agus an rìgh, gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna.

A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

Dhlùth-lean iad rim bràithrean, an àrd-uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan:

Agus airson seo uile nì sinn coicheangal cinnteach, agus sgrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n‑uachdarain, ar Lèbhithich, agus ar sagartan an seula ris.

Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn.

Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:

Agus chan ann mar a shaoil sinne, ach thug iad iad fhèin air tùs don Tighearna, agus na dhèidh sin dhuinne a rèir toil Dhè:

Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;

Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb.

Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear-gearraidh d’fhiodha gu fear-tarraing d’uisge;

A‑chum gun rachadh tu ann an coicheangal ris an Tighearna do Dhia, agus na mhionnan-san, a tha an Tighearna do Dhia a’ dèanamh riut air an là‑an‑diugh:

Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.

Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.

Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan