Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsaigh na h‑altair umha am fianais an Tighearna, a bha aig pàillean a’ choitheanail, agus dh’ìobair e oirre mìle ìobairt-loisgte.
Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas-fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna.
Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.
Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal.