Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 14:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig a‑mach nan aghaidh Serah an t‑Etiopach le armailt mìle de mhìltean, agus trì cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh,

Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.

Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc-shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad.

A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.

Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh.

Nach eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhòmhsa, O chlann Israeil? Tha an Tighearna ag ràdh. Nach tug mise Israel à tìr na h‑Eiphit: agus na Philistich à Caphtor, agus na Sirianaich à Cir?

Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh-sa, O bhean-àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil.

Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan