Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 14:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte: sia ceud secel òir chuir e a‑chum gach sgèithe.

Agus bha mic Ulaim nan daoine treuna, nam fir-bhogha; agus bha mòran mhac aca, agus mhac am mac, ceud agus lethcheud: iad sin uile de mhic Bheniàmin.

Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e de thaigh Iùdah agus Bheniàmin ceud agus ceithir-fichead mìle fear taghte, dèante ri cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a‑chum an rìoghachd a thoirt a‑rìs gu Rehobòam.

Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna),

Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì-fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich.

Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil.

Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc-shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad.

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan