Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.
An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.
Feuch, beirear mac dhut: bidh esan na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o a naimhdean uile mun cuairt; oir bidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel ra linn-san.
Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.
Agus a‑thaobh gach obrach air an do thòisich e ann an seirbhis taigh Dhè, agus anns an lagh, agus anns na h‑àitheantan, a dh’iarraidh a Dhè, rinn e i le a uile chridhe, agus shoirbhich e.
Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte.
Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.
Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.