Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 14:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Agus thug iad leo am feudail; càmhail deich agus dà‑fhichead mìle, agus de chaoraich dà cheud agus leth-cheud mìle, agus asail dà mhìle, agus de dhaoine ceud mìle:

Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì-fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich.

Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah.

Agus dh’ìobair iad don Tighearna anns an àm sin den chreich a thug iad leo, seachd ceud bò, agus seachd mìle caora.

Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:

Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Nach eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhòmhsa, O chlann Israeil? Tha an Tighearna ag ràdh. Nach tug mise Israel à tìr na h‑Eiphit: agus na Philistich à Caphtor, agus na Sirianaich à Cir?

Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.

Uime sin is amhail a tha mise a’ ruith, chan ann mar gu neo-chinnteach: is amhail a tha mi a’ cur catha, chan ann mar neach a bhuaileas an t‑adhar:

Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan