Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 14:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

59 Iomraidhean Croise  

Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm;

Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Agus nuair a sheall Iùdah nan dèidh, feuch, bha an cath air am beulaibh agus air an cùlaibh: agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus rinn na sagartan fuaim le trompaidean.

Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah.

Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.

Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear-seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh.

Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe.

O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.

Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna.

Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos.

Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur-bàal, agus nan Amonach.

Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh.

Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.

Am èiginn ghlaodh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium.

Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.

Nì sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dè‑ne togaidh sinn suas ar bratach. Gun coileanadh Dia d’iarrtasan uile!

Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.

Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn.

Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra.

Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh.

Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e.

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Eirich, a Thighearna, na buadhaicheadh duine; thugar breith air na cinnich ad fhianais.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Agus nuair a thàinig Phàraoh am fagas, thog clann Israeil suas an sùilean, agus, feuch, bha na h‑Eiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’èigh clann Israeil ris an Tighearna.

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn.

Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth?

O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm.

Agus cathaichidh iad ann ad aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh.

Agus cuiridh còignear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh ur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh.

A neartaicheas an creachte an aghaidh an trèin; air chor is gun tig an duine creachte an aghaidh an daingnich.

Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Agus tàrlaidh, ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, gun tèarnar e.

Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Mura biodh gu robh eagal orm ro chorraich an nàmhaid, air eagal gun giùlaineadh an eascairdean iad fhèin gu mì‑chubhaidh, air eagal gun abradh iad, Is i ar làmh àrd-ne, agus chan e an Tighearna, a rinn seo uile.

Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Leis an trì cheud fear seo a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis dod làimh: agus rachadh am mòr-shluagh uile, gach duine da àite fhèin.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.

Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh-ne.

Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan