Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean-san bha an tìr sàmhach deich bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban-Amonach. Agus rìghich Abiam a mhac na àite.

An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san,

Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia:

Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah,

Agus rinn Heseciah mar seo air feadh Iùdah uile: agus rinn e an nì sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianais an Tighearna a Dhia.

Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan