Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais-chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd.

Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.

Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs.

Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againn ann am mac Iese: gach fear dod bhùthan, O Israeil; a‑nis thoir an aire air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel uile dam bùthan.

Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.

Clann nan amadan, seadh, clann dhaoine gun chliù: bha iad na bu tàireile na an talamh.

Cha do shuidh mi le daoine mealltach, agus maille ri luchd-ceilge cha tèid mi a‑steach.

Esan a threabhas a fhearann, sàsaichear le aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse.

An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.

Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn!

Agus nì mi leanabain nan uachdarain orra, agus riaghlaidh naoidheanan os an cionn.

Ach air do na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh-margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;

Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:

Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris.

Agus thug iad dha trì-fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail-bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e.

Agus chruinnich da ionnsaigh gach duine a bha an teanntachd, agus gach duine a bha fo fhiachan, agus gach duine a bha fo smuairean na inntinn; agus bha e na cheannard orra: agus bha maille ris mu thimcheall ceithir cheud fear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan