Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.
Agus nuair a chuala Israel uile gun tàinig Ierobòam a‑rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air don cho-chruinneachadh, agus rinn iad e na rìgh air Israel uile: cha do lean aon taigh Daibhidh ach treubh Iùdah a‑mhàin.
Ma thèid an sluagh seo suas a dhèanamh ìobairtean ann an taigh an Tighearna, ann an Ierusalem, an sin tillidh cridhe an t‑sluaigh seo rin tighearna, ri Rehobòam rìgh Iùdah: agus marbhaidh iad mise, agus tillidh iad gu Rehobòam rìgh Iùdah.
Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.