Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn?
Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil.
Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd-san.
A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.
Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean?
An sin tilgidh mi uam sliochd Iàcoib, agus Dhaibhidh m’òglach, gun aon de a shliochd a ghabhail, gu bhith nan luchd-riaghlaidh thar sliochd Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib: oir bheir mi air a h‑ais am bruid, agus nì mi tròcair orra.
Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas-bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann.
Uile thabhartasan-togte nan nithean naomha, a bheir clann Israeil seachad don Tighearna, thug mi dhutsa, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: is coicheangal salainn e gu bràth an làthair an Tighearna, dhutsa agus dod shliochd maille riut.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.
Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.