Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e ceithir-mnathan-deug, agus ghin e dà mhac ar fhichead, agus sia-nigheanan-deug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Abiaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus bha cogadh eadar Abiam agus Ierobòam.

Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd-mnathan-deug, agus trì-fichead coileabach, agus ghin e ochd-mic-fhichead, agus trì-fichead nighean.

Agus cha d’fhuair Ierobòam neart nas mò ann an làithean Abiah: agus bhuail an Tighearna e, agus fhuair e bàs.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido.

Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich-ar‑fhichead asal òg; agus bha deich-ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead.

Agus chaidh e gu taigh a athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithrean, mic Ierubàail, eadhon deichnear agus trì-fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam, am mac a b’òige aig Ierubàal; oir dh’fhalaich e e fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan