Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.

Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte.

Agus lean Abiah an ruaig air Ierobòam, agus ghlac e uaithe mòr-bhailtean: Betel le a bhailtean beaga, agus Iesanah le a bhailtean beaga, agus Ephron le a bhailtean beaga.

Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,

Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn.

An sin labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e, Guma beannaichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, a chuir a‑nuas a aingeal, agus a shaor a òglaich a chuir an dòchas ann, agus a chuir an aghaidh facail an rìgh, agus a thug seachad an cuirp a‑chum nach tugadh iad seirbhis no adhradh do dhia air bith, ach an Dia fhèin.

Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

Ionnas gum bitheamaid-ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan