Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus theich clann Israeil ro Iùdah; agus thug Dia thairis iad nan làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte.

Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc-shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad.

O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn.

Mar sin thug an Tighearna ar Dia thairis dar làimh-ne mar an ceudna Og rìgh Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e, gus nach d’fhàgadh a h‑aon beò aige.

An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.

Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.

Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear.

Agus thug an Tighearna, Dia Israeil, Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail iad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd-àiteachaidh na tìre sin.

Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan