2 Eachdraidh 13:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah. Faic an caibideil |
Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.