Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thug Ierobòam air luchd feall-fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall-fhalaich air an cùlaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìgh Ierobòam mac Nebait, rìghich Abiam os cionn Iùdah.

Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall-fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan