Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.

Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.

Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu.

Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna.

Abair thusa, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Am bi piseach oirre? Nach spìon e a‑nìos a freumhan, agus nach geàrr e dhith a toradh, air chor is gun searg e? Crìonaidh i ann an uile dhuilleagan a ciad-fhàis, eadhon gun chumhachd mòr no mòran sluaigh ga spìonadh a‑nìos as a freumhan.

Agus bidh iad ann an cath cosmhail ri gaisgich a shaltras air clàbar nan sràidean: agus cogaidh iad, a chionn gu bheil an Tighearna maille riu; agus cuirear marcaichean nan each gu nàire.

Agus thubhairt Maois, Carson a‑nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? Ach cha soirbhich an nì seo leibh.

Cha tug e fa‑near euceart ann an Iàcob, agus chan fhaca e cealg ann an Israel: tha an Tighearna a Dhia leis, agus caithream rìgh nam measg.

Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh.

Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo-bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.

Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu.

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan