Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 13:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Do bhrìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.

Ach dar taobh-ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin;

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.

Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth-àite, de òr fìorghlan;

Agus seo an nì a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là an còmhnaidh.

Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah:

Agus cha do ghlèidh sibh cùram mo nithean naomh; ach chuir sibh luchd-coimhead mo chùraim ann am ionad naomh air ur son fhèin.

Bidh e airson nan sagart a tha naomhaichte, de mhic Shadoic, a choimhead an nì a dh’earb mise riu, nach deachaidh air seachran nuair a chaidh clann Israeil air seachran, mar a chaidh na Lèbhithich air seachran.

Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na h‑altarach, agus cuir tùis air, agus imich gu grad a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh, agus dèan rèite air an son; oir chaidh fearg a‑mach on Tighearna: thòisich a’ phlàigh.

Dèanaibh-se seo; gabhaibh dhuibh fhèin tùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile:

Agus nuair a dh’fhan an neul air a’ phàillean mòran de làithean, an sin ghlèidh clann Israeil freasdal an Tighearna, agus cha d’imich iad.

A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan