Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 12:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, bidh iad nan seirbhisich aige, agus bidh aithne aca air mo sheirbhis-sa, agus air seirbhis rìoghachdan nan dùthchannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Feuch, is seirbhisich sinn an‑diugh, agus am fearann a thug thu dar n‑athraichean a dh’ithe a thoraidh agus a mhaith, feuch, is seirbhisich sinn ann.

Agus shàraich an naimhdean iad, agus leagadh gu h‑ìosal iad fon làimh.

O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm.

O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh.

Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran.

A‑nis is iad seo na cinnich a dh’fhàg an Tighearna a dhearbhadh Israeil leo; (eadhon a’ mheud de Israel do nach b’aithne cogaidhean Chanàain uile;

A‑mhàin a‑chum gum b’aithne do ghinealaichean chloinn Israeil cogadh a theagasg dhaibh, air bheag sam bith dhaibhsan do nach b’aithne a’ bheag dheth roimhe;)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan