Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math.
Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah.
Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah.
A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.
Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:
Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.
Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh-sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean.
Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.
Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth.
Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.